2012-02-29

Elpida Memory air a Bhriseadh

Air an 27 Gearran, tha Elpida Memory air a nochdadh do Thaigh-cùirt ionadail Tòcèo gu bheil a' bhuidheann air a bhriseadh. Tha an taigh-cùirt air a ghabhail agus tha a' bhuidheann air a dhol a-steach fon t-siostam-faightear. Tha a' bhuidheann air fhuadachadh bhon mhargaid-stoca air an 28.

'S i an treas buidheann as motha mar dèanadair-DRAM san t-saoghal agus cha robh ach ise a' dèanamh DRAM ann an Iapan. Tha i air a shtèidhicheadh ann an 1999 le NEC agus Hitachi ach air còrr is 48 billean de chaill a dhèanamh sa Dhùbhlachd a chionn an eaconomaidh dhoilleir, tuiteim na prìse de DRAM, togalaich de Yen agus seilbheachd chruaidh airson an fhactaraidh.


Yukio Sakamoto, stiùiriche riaghlaidh de Elpida Memory sa choinneamh-naidheachd

Kansas City: http://www.kansascity.com/2012/02/27/3454699/japanese-chipmaker-elpida-files.html

ANN

2012-02-28

Tinneas an Fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto

Air an 27 Gearran, tha Weather News air a nochdadh gu bheil tinneas an fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto a tha a' cur Tòcèo agus sia siorramachdan timcheall air a' phrìomh-bhaile san àireamh. Tha an lath 10 laithean nas fhadalaiche na an cuibheas agus thathar ag ràdh gum bi an àireamh aig 30-50% den cuibheas.

Na poileanan as a' chraobh-seudair

Bha i a' fàs nas blàithe mun t-seachdain seo chaidh agus thòisich na craobhan-seudair a bhith a' cur nan poileanan.

Tha còrr is 1,000 mothaichear-poileain aig Weather News air feadh Iapain agus tha iad air a dhearbhadh còrr is 30 cunntasan aig 21 mothaichear-poileain bho na 69 fir ann an Sgìre Kanto.


Tha coilltean-seudair mòra ann an Sgìre Kanto agus bidh iomadh daoine a' fulaing tinneais an fheòir a h-uile bliadhna. Tha Tha Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair ag ràdh gu bheil 30% den a' mhuinntir Iapanach a' fulaing tinneais an fheòir.

Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0227/TKY201202270284.html
Weather News: http://weathernews.com/global.html(Beurla)

Cèoach leis na poileanan

2012-02-26

Plumair a' Bàsachadh a chionn Obrach san Ionad Niuclasach

Air an 24, tha Oifis Sgrùdaidh nan Bun-thomhasan Obrach Yokohama-Minami air a dh'aontachadh ris a bhàsich Nobukatsu Osumi, pumair a chionn 's gum b' èiginn dha obair ro chruaidh a dhèanamh ro luath anns an ionad niuclasach ann an Fukushima. Bha e ag obair airson an t-ionad niuclasach a caradh agus bhàsaich e le greim cridhe.

Tha Skio Ohashi, neach-lagha ag ràdh, ”Bha an obair an-iochdmhor. Dh'fheumadh e ag obair san aghaidh-choimheach agus aodach dhìonach. Bha an obair ro chruaidh seo a' toirt cudthruim inntinneil agus corporra dha bho mhadainn thràth don fheasgar anmoch. Agus an greim cridhe air a thachairt."


Luchd-obrach san ionad niuclasach

Tha Toshiba a' stiùireadh obrach a' charaidh agus tha e ag ràdh cuideachd, "Tha Toshiba agus TEPCO buailteachd mu dheidhinn. Bidh mi a' bruidhonn ri Kanika Osumi, a bhean-chèile" mu dheidhinn na casaid  orra.

2012-02-25

A-RITHST, Taic Theachd-a-steach gu Fear Beartach

Air an 23, tha Poileas Saitama air Satoshi Kaneko a chur ann an greim. Bha e ag innse breug dhan oifis de Roinn Arakawa, Tòcèo mar a tha e sàraichte agus nach urrain dha a dh'obair idiar. Agus tha e air a bhith a' faighinn 2 millean yen de thaic theachd-a-steach gach bliadhna.

Oifis de Roinn Arakawa, Tòcèo

Bha e a' ruith taigh-siùrsachd agus tha 30 millean yen sa chunntas-banca aig a charaid. Thuair am poileas lorg air 10 millean yen san taigh aig a bhràmair Sìonach. Bha an airgead air fhuaighear air T-léine agus thathar ag ràdh gun robh dùil aige fhaighinn air falbh san T-lèine.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/area/saitama/news/20120224ddlk11040274000c.html

2012-02-24

Smachd-bhann do Yakuza ann an USA

Tha Roinn an Taisgeadain de USA air a nochdadh gum bithear a' toirt smachd-bhann do Yamaguchigumi, Kenichi Shinoda an ceannard agus Kiyoshi Takayama an iar-cheannard.

Bidh an roinn a' reòthadh na maoine aca agus chan fhaod iad a mhalart ri gin ann an USA.

'S e a' bhuidheann-gnothaich lochdach Iapanach as motha a tha ann an Yamaguchigumi agus tha a roinn ag ràdh gu bheil Yamaguchigumi a' gabhail pàirt ann an eucoirean eadar-nàiseanta mar chùl-mhùtaireachd na drogaichean, malairt dhaonna, bagairtean, siùrsachd, foilltean agus nighe an airgid agus a' faighinn iomadh maoin mì-laghail asda.

Tha an gnìomh seo a' buntainn dhan bhreith a' chinn-suidhe a nochd Ceann-suidhe Obama san Iuchar an-uiridh airson maoine na buidheanean-gnothaich lochdach a reòthadh agus siostam an ionmhais a dhìon.

David Cohen, Iar-rùnaire an Taisgeadain

Thuirt David Cohen, Iar-rùnaire an Taisgeadain, "Tha sinn ag obair gu dlùth comhla ri Iapan"

Chunichi Sinbun: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012022490103605.html
Yamaguchigumi: http://en.wikipedia.org/wiki/Yamaguchigumi(Beurla)
Kenichi Shinoda: http://en.wikipedia.org/wiki/Kenichi_Shinoda(Beurla)
Kiyoshi Takayama: http://en.wikipedia.org/wiki/Kiyoshi_Takayama(Beurla)

2012-02-23

Nissan ag Ath-ghairm nan Càraichean

Tha Nissan ag ath-ghairm nan càraichean; Serena, Juke agus Landy a chionn 's gu bheil eagar gun thachaireadh aodion a' peatrail. 'S iad 92,679 càraichean ann an Iapan agus mu 158,000 càraichen eile ann an America a Tuatha, Eòrpa agus Sìona gu lèir.

Serena

Juke

Landy


2012-02-22

Tachartas Sneachda air a Chur Dheth

Air an 21, bha Cathair Naha, Okinawa a' planadh tachairtas sneachda airson nan cloinne a chumail air an 23 ach rèitich i ga cur dheth.

Tha Feachd Fèin-Dhìonachd air 630 cileagram de shneachda a chur do Naha bho dh'Aomori leis am plèana cuairteachian. Bha sgrùdadh air a dhèanamh air an sneachda agus tha an t-sàbhailteachd air a dhearbhadh. Bha a' chathair deiseil an tachartas a chumail.

Ach thug na fulangaichean à Fukushima, Miyagi agus Iwate, a tha a' fuireach ann an Naha gu neo-bhuan, guth dhan chathair mar "Tha rèididheachd san sneachda agus 's dòcha gum bi a' chlann ga fulangas" agus an aghaidh.

Air an 20, bha a' chathair a' cumail coinneimh airson nan fulangaichean ach thug iad guth mar "Chan eil an soilleireachadh oifigeil aig an riaghaltas agus na comhairlean urrasach" agus cha do ghabh iad ris an t-soilleireachadh a' chathrach. Agus rèitich i ga cur dheth.

An aon thachartas an-uiridh

Biodh e an 18th turas ma biodh an tachartas air a chumail. 'S e eilean iar-dheas gun shneachda a tha ann an Okinawa agus bha an tachartas a' còrdadh ris a' chlann a h-uile bliadhna.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120221-OYT1T01116.htm?from=y10

2012-02-21

Àiramh de Luchd-oprach Neo-maireannach gu 35%

Air an 20, thug Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan conaltraidh cunntas air mion-chunntas an luchd-obraich agus tha e a' nochdadh gu bheil an àireamh de luchd-oprach neo-maireannach air a thogail gu 35.2%. Tha an àireamh 0.8 puingean nas motha na tè an-uiridh agus as miosa.

Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan conaltraidh

Tha 17.33 millean Luchd-oprach ag obair gu neo-maireannach agus tha an àireamh seo 480 mìle nas motha na tè an-uiridh. Tha 32.6% de luchd-oprach, a tha 15-34 a dh'aois, agus 51.5% de luchd-oprach, a tha as sine na 54 a dh'aois, ag obair gu neo-maireannachag obair gu neo-maireannach

Chan eil an cunntas a' cur Iwate, Miyagi agus Fukushima, a fhulaing a' chrith-thalmhainn agus an tsunami, san àireamh.


2012-02-20

An Opairèisean aig Iompaire Deiseil gu Soirbheachail

Air an 18 Gearran, ghabh Iompaire an opairèisean an rathaid-seachnaidh air a chridhe agus chaidh e air a bhith deiseil gu soirbheachail mu 3 uairean feasgar. Dh'falbh Iompaire an t-àit-obrach lèighe agus thàinig e a-steach dhan ICU (Aonad Cùraim Dian) aig 3:55 feasgar.

Àrd-ollamh Atsushi Amano agus a shgioba

'S e Àrd-ollamh Atsushi Amano agus a shgioba a rinn an opairèisean. Nochd e "Chaidh an opairèisean mar am plana agus air a bhith deiseil gun trioblaid. Bha an sil fuil glè bheag agus tàinig Iompaire a-mach as an anesthetic."

Bha Ban-iompaire agus Kiyoko Kuroda, nan nighean a' feitheamh ris a' chrìoch den opairèisean san ospadal agus choinnich iad ris aig ICU an deidh gòig uairean feasgar.

Thòisich Iompaire a choiseachd, uisge a dh'òl agus biadh a dh'ithe air an 19. Thàinig e air ais dhan sìomar an ospadail aige sa mhadainn air an 20. 

2012-02-19

Naoi Riaghladairean an aghaidh Togail na Cìse Dhealain

Tha Bòrd Riaghladair Sgìre Kanto, dha Tòcèo agus ochd siorramachdan a' buntainn, a' cur an aghaidh togail na cìs dealain a tha TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' planadh. Tha TEPCO air 1.7 trillean de chall a dhèanamh a chionn an sgiorraidh den ionaid niuclasach ann an Fukushima agus a' planadh togail na cìs dealain.

Riaghadair Saitama Seiji Ueda

Dh'iàrr Seiji Ueda, Riaghadair Siorramachd Saitama air Yukio Edano, Ministear an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais dàil a chur air an togail agus ghairm e "Tha TEPCO gun mhothachadh gun tug iad an trioblaid as motha san eachdraidh a' bhoinne-fala!" Dh'innis e do Mhinistear Edano gum feum TEPCO an t-stiùireadh a dh'ath-thogalach agus an togail na cìs dealain a sheachnach.

TV Asahi: http://news.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/220216000.html

2012-02-18

Asahi Beer san Ìre-mhullaich ann an Korea

Thug Asahi Holdings, an sealbhadair de dh'Asahi Beer cunntas air gu bheil Asahi Beer san Ìre-mhullaich mar leann steach-mhalairt ann an Korea.

Asahi Super Dry

Tha an cunntas a' nochdadh gun do reic Asahi Beer 1.2 millean cèisean leann do Korea ann an 2011. 'S e 28.3 sa cheud den leann steach-mhalairt agus an Ìre-mhullaich ann an Korea.

Thòisich Asahi Beer reig an leann ann an Korea ann an 2000 agus tha 350 bùthan a' dèiligeadh ri Asahi Beer ann an Korea an diugh.

Asahi Beer: http://www.asahibeer.com/
tv-asahi: http://www.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/220218007.html

2012-02-17

Iompaire a' tighinn a-steach dhan Ospadal

Sa mhadainn air an 17 Gearran, thàinig Iompaire a-steach do dh'Ospatal Oilthigh Tòcèo airson opairèisean an rathaid-seachnaidh air a chridhe.

Dh'fhalbh Iompaire agus Ban-iompaire Lùchairt Ìmpireil agus ràinig iad air an ospadal mu 10:15 sa mhadainn. Chuir Takashi Kadowaki, Stiùiriche an Ospadail, Àrd-ollamh Ryozo Nagai agus mu cheud duine (euslainteaich agus na teaghlach) fàilte dhaibh aig a' gheata.


Iompaire, Ban-iompaire, Takashi Kadowaki, Stiùiriche an Ospadail agus Àrd-ollamh Ryozo Nagai

San seòmar shònraichte air an 14mh làr, bha Iompaire a' coinneachadh ri Àrd-ollamh Amano Atsushi agus Àrd-ollamh Minoru Oda, an dotair am bi a' dèanamh an opairèisean.

Bidh Ban-iompaire a' fuireach san ospadal a-nochd. Bidh Iompaire a' gabhail soilleireachadh mu dheidhinn an opairèisean air an 17. Bidh an opairèisean a' toiseachadh mu 9:30 sa mhadainn air an 18 agus a' cumail airson mu còig uairean. Bidh Iompaire a' dol air ais dhan lùchairt ann an dà seachdainn ma bhiodh rudan a' dol gu ceart.

Biodh Prionnsa Naruhito a' gabhail cùisean oifigeil nuair a biodh Iompaire san ospadal.

2012-02-16

Dotairean a' falbh Fukushima

Tha dotairean a' falbh Fukushima. Bha 2,013 dotairean ag obair sna 138 ospadail ron crith-thalmhainn ach tha 61 dotairean air falbh gus an 1 Dùbhlachd. Bidh seachd dotairean a' falbh an deidh a' Ghiblein.

Tha eagal air a h-uile duine ron rèididheachd agus chan eil dotair sam bith airson a dh' obair ann an Fukushima.

Tha eagar air a' mhuinntir ann an Fukushima roimhe a bidh an eigheas ionadil air a mhilleadh.


2012-02-15

Lath Bhàlantain ann an Iapan

'S e Lath Bhàlantain air an 14 Gearran. Ann an Iapan, 's e an lath far am bi caileagan a' toirt seoclaid dha na balaich air a bheil gaor aca agus a' nochd gan gaol dhaibh. Thathar ag ràdh gun robh na dealbhadairean-seoclaid agus na bùthan a' togadh seoclaid gu inbhe mar tiodhlac an Lath Bhàlantain o chionn fhada agus gun robh e a' fàs àbhaist ann an 70ad.

Sa bhùth

A h-uile bliadhna, bidh iomadh seoclaid air féill sna bùthan an t-suiteais eadar an tòiseach den Fhaoilleach agus an 14 den Ghearran. Ach 's fhèarr le mòran cailagan a bhith a' dèanamh seoclaid sònraichte aig an taigh.

An diugh, bidh mòran boireannich a' toirt seoclaid an Lath Bhàlantain do charaidean gu furasta agus bithear a' toirt iomadh rud eile mar tiodhlac an Lath Bhàlantain.

Aon de iomadh rud eile

'S e an 14 den Mhàrt a tha ann an lath far am bi balaich a' toirt cnap-lus, seoclaid geal no maide-milis dha na caileagan air a bheil gaor aca agus a' nochdadh tàing airson an seoclaid a' fhuair iad. Thathar a' cantainn White Day ris agus thathar ag ràdh gun do thòisich Ishimuramanseido, dealbhadair-cnap-lus an tachartas seo ann an Iapan.

Sa bhùth a-rithst

White Day: http://en.wikipedia.org/wiki/White_Day (Beurla)

2012-02-14

Iompaire a' gabhail Opairèisean

Tha Buidheann-gnìomha Taigheadais ìmpireil air nochdadh gun gabh Iompaire opairèisean an rathaid-seachnaidh air a chridhe air an 18 am mìos seo. Ghabh e sgrùdadh mionaideach air an 11, mhol a dhotairean opairèisean an rathaid-seachnaidh dha agus ghabh Iompaire am moladh.

Opairèisean an rathaid-seachnaidh

Tha Iompaire a' gabhail nan cungaidhean agus tha e cho math 's gu bheil e comasach air obair chumanta a dhèanamh. Ach, air dha eacarsaich gnìomhach a ghabhail, tachairidh  greim cridhe  air.

Tha na dotairean ag ràdh gu bheil tèarainteachd gu leor aig an opairèisean agus gur e rèite cheart dha airson beatha an làthair a chumail agus beatha nas fhèarr fhaighinn.

Bidh Iompaire a' gabhail cùisean oifigeil gus an opairèisean.

Mainichi jp: http://mainichi.jp/select/opinion/editorial/news/20120214k0000m070085000c.html

2012-02-13

Lath Stéidhe Nàiseanta

Bha e Lath Stéidhe Nàiseanta air an 11 Gearran. Thathar ag ràdh gun bheil Iompaire Jimmu, a' chiad iompaire air èirichigh gu rìgh-chathair air an 11 Gearran BC 660 agus the seo air nochdadh air Nihonshoki, leabhar na eachdraidh Iapanach, air a chrìochnachadh ann an 720. Ach 's e measgachadh de eachdraidh agus miotas a tha anns a' chiad chuid den leabhair agus thathar ag ràdh gu bheil na caibideilean teagmhach bhon toiseach do Iompaire Buretsue (AD498-506 air rìgh-chathair), am 25mh Iompaire.

Iompaire Jimmu

Bidh na reighliois Shinto (Shinto Shrines) a' cumail tachartais de Lath Stéidhe Nàiseanta a chionn 's gur e creideamh airson Iompaire a dhiadhachadh a tha ann an Shinto. Ach chan eil beagan daoine a' cur faire air na tachartais. Chan eil an riaghaltas no na siorramachdan a' cumail tachartais sam bith. Bithear a' cumail tachairtais neo-oifigeil ach chan eil mòran daoine a' cur faire air na tachartais. Bithear a' cumail tachairtais an aghaidh an lath seo cuideachd. Togaidh beagan daoine bratach Iapanach ach tha iad glè ainneamh.

Bithear a' cumail tachairtas neo-oifigeil ann an Lùchairt Ìmpireil agus tha an tachartas gun àinm.

Tha e coltach ri saor-latha banca gu gumanta.

Lath Stéidhe Nàiseanta: http://en.wikipedia.org/wiki/National_Foundation_Day (Beurla)
Iompaire Jimmu: http://en.wikipedia.org/wiki/Emperor_Jimmu (Beurla)
Nihon Shoki: http://en.wikipedia.org/wiki/Nihon_Shoki (Beurla)
Iompaire Buretsu: http://en.wikipedia.org/wiki/Emperor_Buretsu (Beurla)

2012-02-11

Stiùireadair Poileais air Facebook

Tha an aire air toirt gun robh stiùreadair poileas sa Phoileas Siorramachd Yamanashi a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn nan cùisean, a ghabh am poileas, air Facebook. Bha a bhalla air fhosgladh do phoball agus b'urrain do a h-uile duine a theachdaireachd a leughadh.



Tha am poileas ag ràdh gun sgriobh e mu dheidhinn an teine a thachair air an 31 Faoilleach mar "Bhasich dithis san teine. Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh air an àite sa mhadainn. Bidh e fuar..." Bha e a' sgriobhadh cuideachd gun robh e ag òl san oifis agus gur e oifigear a tha ann.

Tha am poileas air nochdadh direach gum bi iad a' cumail a h-uile fiosrachadh gu cùramach. Cha do nochd am poileas an t-àinm aig an stiùreadair no ubhladh air.

2012-02-10

Taic Theachd-a-steach gu Fear Beartach

Tha Poileas Òsaka air Akihito Kurono a chur ann an greim. Bha e ag innse breug dhan oifis de Roinn Sumiyoshi mar nach eil air a bhith a' faighinn teachd-a-steach sam bith idir. Agus tha e air a bhith a' faighinn 32 millean de thaic theachd-a-steach am feadh 6 bliadhna gu leth eadar an t-Iuchar 2005 agus am Faoilleach 2012.


Oifis de Roinn Sumiyoshi


Bha e a' reic bathair aig tachairtais air feadh Iapan agus tha e air a bhith a' dèanamh 700-1,000 mìle de phrothaid gach mìos. 'S e ceannard de aon de na buidheanan nàiseantaich uair cuideachd.

Bha e a' cumail beatha bheartach aig an taigh aig a bhràmair agus cha d'fhuair na oifigearan lorg a bheatha fhìor idir ged a chaidh iad airson coinnicheadh ris aig a thaigh ann an Sumiyoshi.

Thuirt e "Bha dùil agam an uiread fhaighinn is a ghabhas de airgead."

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/news/category/article/g=96958A9C93819695E2EAE2E29A8DE2EAE2E0E0E2E3E09191E2E2E2E2;at=ALL

2012-02-09

Ìomhaigh a' tuiteam ann an Fèis Sneachda Sapporo

Aig 4:20 feasgar air an 7 Gearran, thuit ìomhaigh ann an Fèis Sneachda Sapporo agus tha dochair air a chur air bireannach. Bha air ga cur dhan ospadal ach chan eil ach beagan dochair oirre.


An ìomhaigh a thuit agus bhriseadh.

An ìomhaigh ron tuiteam

'S e ìomhaigh sneachda de charactar air coimpiutar a thuit agus bha i 3 meatair a dh'àirde. Tha am poileas a' lorg an adhbhair.

2012-02-08

An Ionnad Niucleasach a' fàs nas Teotha

Air an 6 Gearran, tha Buidheann Dealain Tòcèo air a nochdadh gun robh an dàrna readhactar a' fàs nas teotha san ionnad niucleasach ann an Fukushima agus bha an teodhachd a' ruigsinn 73.3 puingean Celcius uair. Chan eil an t-adhbhar follaiseach ach thathar ag ràdh gur dòcha gun tug pìob, air a chur an àite, gu buil an readhactair.

An dàrna readhactar

Tha a' bhuidheann a' cur meud as motha de uisge-fuarachaidh dhan readhactar ach tha an teothachd a' cumail timcheall air 70 puingean Celcius fhathst.

Cha robh eileamaidean rèidio-beò mar Xenon133 agus Xenon135 air fhaighinn a-mach agus thathar ag ràdh nach eil eiginneachd (criticality) a' tachairt.

Tha a' bhuidheann agus an riaghaltas ag ràdh gu bheil an readhactar fionnar gu lèor agus air stait an stada.


2012-02-07

Fèis Sneachda Sapporo

Air an 6 Gearran, tha Fèis Sneachda Saporo air fhosgladh ann an Sapporo, Hokkaido. Tha 230 ìomhaighean sneachda mar caisteal agus cluicheadair buill-choise air a nochdadh ann an trì àitean; Pàirc Rathaid Mhòir, Susukino agus Tsudome.

Bithear a' cumail an fhèis dhan 12 Gearran. Bithear a' nochdadh a' shoillseachaidh nochd ann an Pàirc Rathaid Mhòir agus Susukino.


2012-02-06

Sgeul de Dhà Bhodach agus Oni

Seo sgeul seann agus ainmeil à Iapan. Tha mi an dòchas gum bi e a' còrdadh ruibh.

***

Lath a bha siud bha dà bhodach ann. Bha pait aig gach bodach air an peirceall agus iad grànnda. Ach bha aon dhiubh cridheil agus aon eile reasgach.

Latha dhe na làithean, chaidh am bodach cridheil dhan choile airson connadh. Bha an t-uisge aige agus air dha fheitheamh san sloc craoibhe, chaidh e a chadal.

Bha e anmoch feasgar nuair a dhùisg e. Chaidh an t-uisge air falbh. Chunnaic e braidseal agus chuala e cèol fada bhuaithe. Choisich e dhan bhraidseal sius.

Air dha a bhith a' tighinn, bha e iongantach gun robh iomadh Oni ag òl, a' seinn agus a' dannsadh timcheall air a' bhraideal. Bha e ga shealltainn car greis ach thòisich e air dannsadh gu toilichte agus bha e air ga nochdadh faisg air a' bhraideal. Air dhaibh ga fhaicinn, dh'fhàs a h-uile Oni toilichte agus thuirt aon dhiubh "Abair bodach sunndach! Tha do dhannsa cho math, chan eil thu coltach ri daonna!" Bha iad a' dannsadh comhla ri linn oidhche agus spors math aca.

Bha iad a' dannsadh comhla

Nuair a bha e airson a dhol dhachaigh, thuirt aon dhiubh "Cuirinn às do phait grànnda air do pheirceall" agus chuir e carr anns a' phait. Bha e ionngantach gun do dh'fhalbh am pait a-mach agus dh'fàg a pheirceall cuimir gun chreuchd. Bha e glè thoilichte agus a' dol dhachaidh.

Air dhan bhodach reasgach ga fhaicinn, bha iongnadh air agus chuir e ceist mar "Carson a tha do pheirceall cho cuimir?" Dh'inns e a sgeul dha. Bha am bodach reasgach dèonach a bhith gun pait.

Chaidh am bodach reasgach a-mach dhan àite a chuala e bhon bhodach chridheil. Chunnaic e braidseal agus chuala e cèol fada bhuaithe. Choisich e dhan bhraidseal sius.

Air dha a bhith a' tighinn, bha e iongantach gun robh iomadh Oni ag òl, a' seinn agus a' dannsadh timcheall air a' bhraideal mar a sgeul . Bha e ga shealltainn car greis agus an t-eagal air. Ach bha e airson peirceall cuimir agus chaidh e do Oni airson a dhannsa a nochdadh. Ach cha robh e a' dannsadh gu math idir. Air dhaibh ga fhaicinn, dh'fhàs a h-uile Oni mì-thoilichte agus thuirt aon dhiubh "Abair bodach gruamach! Tha do dhannsa cho dona, chan fhaca mi riamh!" Agus chuir e a' phait , a bha air a' pheirceall aig a' bhodach cridheil, dhan pheireceall aig a' bhodach reasgach. A-nis bha gach aon phait air an dà chuid de a pheireceall.

Ghairm an t-Oni "Rach air falbh! Na thig dhuinn gu bràth!" Dh'fhalbh am bodach cho luath 's a ghabhas. Agus chan robh e dèonach a dhol dha na Oni tuilleadh.

Crìoch

2012-02-05

Setsubun: An Lath ron Toiseach an Earraich

B' e Setsubun air an 3 Gearran. 'S e an lath ron tiseach an Earrach a tha ann an Setsubun. Tha mi air pònairean sòighea ròiste a channach. O chionn fhada、thathar ag ràdh gum bi spioratan orca gan nochd air an lath. Tha mi air na uinneagan a fhosglad agus, gan tilgeadh san taigh agus ghairm mi "Falbh a-mach, Oni! Thig a-steach, Sonas!" Bhuail na pònairean tilgte dhan bhalla agus làr agus rinn iad am fuaim. Thathar ag ràdh gum bi am fuaim air às a chur dha na spioratan orca bhon taigh. Tha e traidiseanta cuideachd ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn a crochadh air a' gheata ged nach eil mi ga dhèanamh. Tha seo a' cur às dha na spioratan orca cuideachd.

Ceann an sàrdain agus géig a' chuileainn

Tha iomadh seòrsa spioratan orca ann an Iapan ach tha Oni ainmail mar spioratan orca a tha a' nochdadh air Setsubun. 'S iad uabhais coltach ri samhanach le adhrc no dha. Tha an corp dearg no gorm agus féithean-móra orra. Tha iad gleadhrach gu cumanta ach càirdeil uaireanan.

Oni

Ann an beagan roinnean, tha a' mhuinntir a' smaointinn gur e basaillean a' dhè a tha annta agus tha iad a' gairm "Thig a-steach, Oni! Thig a-steach, Snas!"

Setsubun: http://en.wikipedia.org/wiki/Setsubun (Beurla)
Oni: http://en.wikipedia.org/wiki/Oni_(folklore) (Beurla)

Na pònairean sòighea ròiste a cheannaich mi. Thug am buth dhomh masc de Oni.

2012-02-03

Maighstir Ninja air a chur ann an àrd-ollamh den Oilthigh Mie

Tha Jinichi Kawakami, maighstir Ninja air a chur ann an àrd-ollamh den Oilthigh Mie. Bidh e a' rannsachadh an eòlais agus nan sgilean aig Ninja. Thuirt e "Tha mi airson Ninja fìor fhaighinn a-mach agus a nochd an eòlas agus na sgilean feumail an lath diugh."

Jinichi Kawakami,

Thòisich e ionnsachadh an eòlais agus nan sgilean aig Ninja san sgoil de Banke Shinobinoden nuar a bha e sia bliadhna a dh'aois agus ghabh e 'na neach-ionaid nuair a bha e 18 bliadhna a dh'aois. Tha e a' cumail na sgoil agus 'na shtiùiriche den taigh-tasgaidh Ninja ann an Siorramach Mie.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012013190211254.html
Banke Shinobinoden Kenshujo: http://www.eonet.ne.jp/~bankeshinobi/ (Beurla)
Taigh-tasgaidh Ninja: http://iganinja.jp/en/index.html (Beurla)
Modern Schools of Ninjutsu: http://en.wikipedia.org/wiki/Jinichi_Kawakami#Banke_Shinobinoden (Beurla)

Jinichi Kawakami (1)


Jinichi Kawakami (2)

2012-02-02

Disney Brèige

Air an 28 Faoilleach, tha neach-dèanamh-prògramain air a nochdadh gun d'fhuair e post-dealain bho Disney. Chanadh Kotoha ris air eadar-lìon. Bhe e a' nochdadh Hanako, an nobhail aige air an làrach-lìn aige agus tha i a' còrdadh ri mòran daoine.

Bha e a' dèanamh geama eile cuideachd far a bheil Mickey Mouse ga nochdadh mar nàmhaid ris a chanadh "Luch Dhubh". Agus tha an litir bho Disney ag ràdh gun robh an caothach dearg orra agus tha iad a' dol a thogadh casaid an aghaidh airson stad a dhèanaimh agus 6 mllean yen de na callaidhean.

Bha an t-eagal air Kotoha agus tha e air an làrach-lìn a dhùnadh agus stad a chur do a h-uile obair mar neach-dèanamh-prògramain. Ach...

An geama a bha Kotoha a' dèanamh.

Air dha a dhol ann an dàil Disney, tha e air a chluinntinn nach eil gnothach sam bith aig Disney ris na litrichen sin idir. 'S e litrichean brèige a bha annta!

Ach bha e air oillteachadh gu trom. Tha briseadh slàinte na h-inntinn air agus tha e ag ràdh gu bheil e aindeònach a bhith a' dèanamh geama sam bith agus gum bi e a' fagail eadar-lìon.

Bha e mì-chùramach ach tha mi a' faireachdainn beagan co-mhothachadh dha. Agus tha mi a' smaoinntinn gum feum mise a bhith cùramach gu lèor.

B! News: http://b.hatena.ne.jp/articles/201201/7433
@kotoha_amorico: https://twitter.com/#!/kotoha_amorico
Hanako: http://hanakovn.web.fc2.com/

Hanako

Còrr is 400 Trillean de Easbhaidh sa Bhuidsead fa Dheòigh

Air an 31 Faoilleach, tha Ministrealachd an Ionmhas air a nochdadh gu bheil easbhaidh sa bhuidsead air fhàg as moth na 400 trillean yen. 'S e a' chiad uair a tha an easbhaidh nas motha na 400 trillian.

Bha an easbhaidh nas lugha na 300 trillean ann an 2007 ach tha i air a fhas gu luath seachad ri linn Lehman Shock agus atharrachadh an riaghaltais.

Ministrealachd an Ionmhas

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/news/category/article/g=96958A9C93819481E1E3E2E18B8DE1E3E2E3E0E2E3E09797E0E2E2E2;at=DGXZZO0195164008122009000000

2012-02-01

Gun Clàr ann an Miyagi agus Fukushima Cuideachd

Air an 30, tha an aire air a thoirt nach robhair a' dèanamh clàir aig co-labhairtean de gach Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Miyagi agus Fukushima.

Chan eil clàr air a dhèanamh ann an Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Miyagi idir an dèidh Crithe-thalamhain Mhòr Sgìre Tohoku ach tha an siorramachd ag ràd gu bheil a h-uile co-labhairt fosgaile dhan phoball agus nach eil tha trioblaid air foillseachadh.

Seòmar Riaghladair Siorramachd Miyagi

Tha an siorramachd ag ràdh cuideachd gun robh iad a' cumail ceither co-labhairtean direach air an 11 agus 94 co-labhairtean eadar an 11 Màrt agus an 20 Damhair. Bha iad ro trang airson clàr a dhèanamh.

Chan eil clàr air a dhèanamh ann an Prìomh-oifis Èiginn Freagairt Dunaidh ann an Fukushima airson 6 làithean an dèidh na crithe-thalamhain. Ach tha an siorramachd air a bhith a' dèanamh clàr bhon 7 Màrt.

Asahi.com: http://www.asahi.com/politics/jiji/JJT201201300059.html