2012-03-31

Bàs den Koala as sìne

Ann an Su Higashiyama sa mhadainn air an 30mh den Mhàrt thug neach-su an aire gu bheil Ramu air a bhàsachadh. Fhuair e bàs nàdarra. 'S e an Koala as sìne ann an Iapan a bh' ann agus bha e 23 bliadhna agus 11 mìosan a dh'aois.

Tha beatha chumanta aig Koala fada mu 12 bliadhna agus bha Ramu fìor shean. Thuit e à craobh gu tric o chionn ghoirid.

Rugadh e ann an Su Tama ann an 1988 agus thàinig e do Shu Higashiyama ann an 1989. Thuirt aon den luchd-su, "Bha nàdar sàmhach air Ramu. Dh'itheadh agus chataileadh e gu math. Leis an sin bheireadh e beatha fhada."

Ramu

Yahoo News: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20120330-00000567-yom-soci

2012-03-30

An t-Iapanais as Beartaiche

Thug Forbes, iris an eaconomaidh Aimeireaganach cunntas "Iapanaise beartach" agus 's e an t-iapanais as beartaiche a th' ann an Tadashi Yanai, cathraiche agus stiùiriche riaghlaidh de Fast Retailing a tha a' sealbhachadh Uniqlo, bùthan na aodaiche tuiteamach. Tha mu 880 billean yen de bheartas aige. 'S e an t-iapanais as beartaiche a bh' ann air a' chunntas ann an 2010 cuideachd.

Tadashi Yanai

'S e an dara Iapanais as beartaiche a th' ann an Nobutada Saji, stiùiriche riaghlaidh de Suntory agus tha 650 billean yen aige. 'S e an treas Iapanais as beartaiche a th' ann an Masayoshi Son, stiùiriche riaghlaidh de SoftBank agus tha 570 billean yen aige.

Nobutada Saji

Masayoshi Son

Japan's 40 Richest (Forbus): http://www.forbes.com/sites/tatianaserafin/2012/03/28/japans-40-richest/
Uniqlo: http://en.wikipedia.org/wiki/Uniqlo
Suntory: http://en.wikipedia.org/wiki/Suntory
SoftBank: http://en.wikipedia.org/wiki/Soft_Bank

2012-03-28

NO NUKES 2012

Bithear a' cumail "NO NUKES 2012", fèis a thrèigsinn ionadam niucleasach air an 7 agus 8 Iuchar ann an Makuhari Messe. Thog Ryuichi Sakamoto, ceòladair eadar-nàiseanta ainmeil am plana agus bidh Yellow Magic Orchestra, Asian Kung-fu Genaration agus Kazuhiro Saito a' cluich. Bithear a' toirt a h-uile buannachd do còmhlain pobaill a tha an aghaidh nan ionadan niucleasach.

Masafumi Goto agus Ryuichi Sakamoto

Thuirt Ryuichi Sakamoto, "Seo tachairtas an aghaidh nan ionadan niucleasach. Thachair sgiorradh ann an onad niucleasach agus tha mi air a bhith a' smaoineachadh dè bu chòir dhomhsa. Mar cheòladair bu toigh leam mo bheachad a nochdadh gu soilleir."

Ticead aig JPY6,800 gach lath. Ticead dà latha aig JPY13,000. Airson mion-fhiosrachadh e-mail: info@nonukes2012.jp

Ryuichi Sakamoto: Ceòladair eadar-nàiseanta ainmeil a rinn ceòl de na filmaichean; Merry Christmas Mr Lawrence, Last Emperor, The Sheltering Sky agus tuilleadh.

2012-03-27

Nissan a' nochdadh Batmobile

Air an 15mh dhen Mhàrt ann an Lunnainn chaidh "Deltawing" a nochdadh le Nissan. Bidh an càr a' ruith ann an Le Mans, an rèis mòtair a mhaireas 24 uairean. Bidh an càr a' ruith mar chàr deuchainne agus cha bhi e a' toirt dùbhlan dhan chliù. Tha e coltach ri "Batmobile" aig a bheil "Batman".

Nissan Deltawing

'S e Deltawing Racing Cars a dhealbh an càr agus chan eil air an càr ach mu leth bacadh-èadhair (air resistance) no mu leth tomhas de na càraichean eile. Tha Nissan a' toirt einnsein-turbo de 300 cumhachd-eich leis na ceithir siolandairean dhan chàr.

Ann an Lunnain

Thuirt Andy Palmer Iar-cheann-suidhe Gnìomhach, "Le seo tha cothrom aig Nissan a dhol na phàirt de phròiseact ùr-ghnàthaichte, feara dh’fhaodadh cumadh a thoirt air spòrs-mòtair san àm ri teachd."

Bidh Marino Franchitti agus Michael Krumm ga dhràibheadh.

cnn.co.jp: http://www.cnn.co.jp/business/30005926.html
Deltawing Racing Cars: http://deltawingracing.com/
Nissan: http://www.nissan.co.jp/EN/index.html?rstid=20110527rst000000202


   
Nissan Deltawing

Baimobile air an fhilm


2012-03-26

Prìomhair Kan: Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Tha an aire air tort gu bheil clàr ann air a bheil TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' cur a' chòmhraidh mhionaideach eadar Prìomhair Kan agus an luchd-gnìomha de ThEPCO air clàr nuair a bha TEPCO ag iarraidh Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi fhagail air an 15 Màrt an-uiridh.

Naoto Kan, am prìomhair eadar an 8 Og-mhios 2010 agus an 13 Iuchar 2011

Tha e a nochdadh gun tug Prìomair Kan gairm làidir.

Air dha ruigsinn air a' phrìomh-oifis de ThPCO thuirt e "Nam biodh na cùisean a' dol air an aghaidh, bhitheadh Iapan a' tuiteam! Nam bhiodh sibh a' fagail an ionad niucleasach, bhitheadh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo air an spreadhadh. Bidh an rèididheachd dà no trì tursan nas treasa na Chernobyl agus feumaidh sibh a thuigsinn dè a bhitheas a' tachairt! Nam biodh sibh ga fagail, bhitheadh TEPCO air briseadh gu 100%. Chan fhaod sibh a dhol às! "

Tha an aire air toirt gun robh an riaghaltas eòlach air a dh'aithghearr an dèidh an tsunami gum bu eagal gum biodh na readhactaran agus an connadh air a mhilleadh agus na susbaintean rèidio-bèo a' ruigsinn air Tòcèo. Bha na cùisean uamhasach cunnartach.

Nam bhiodh TEPCO a' fagail an ionad Niucleasach, bhitheadh iomadh duine (30 no 50 millean?) a' fulaing rèididheachad agus cha biodh gin a' fuireach ann an Tòcèo agus sgirean an ear. Bha Prìomhair Kan ceart. Bhitheadh Iapan a' tuiteam!

Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201203150057.html
Daily Yomiuri: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20120315p2g00m0dm108000c.html

TEPCO a' cur Stad air an Ionad Niucleasach mu Dheireadh

Sa mheadhan-oidhche air an 25, tha TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) air stad a chur air Ionad Niucleasach Kashiwazaki Kariwa airson an obair-chàraidh. A-nis tha 18 readhactaran sna ceitheir ionadan niucleasach aig TEPCO a h-uile sàmhach.

Seòmar smachd ann an Ionad Niucleasach Kashiwazaki Kariwa

jiji.com: http://www.jiji.com/jc/p?id=20120326090233-2339555&n=1

Lèirmheas Leabhair: Leabhar-latha Mèirleaich

Tiotal: Leabhar-latha Mèirleaich 1
Stoidhle: Pàipear-éibhinn
128 duilleagan
ISBN-10: 4063523918
ISBN-13: 978-4063523911
Canan: IapanaisPrìs: JPY570


Sanzoku Diary 1

Tha Kentaro Okamoto, ùghdar an leabhair seo na dhealbhadair pàipear-éibhinn. Bha a sheanair na shealgair, tha e air a bhith ùidh aige ann an sealg agus chuir e roibhe ceadachas seilge a thoirt. Ach air dha seo a bhruidhinn dhan bhràmair aige, cha do thuig i a shmuain idir, chan i "Mèirleach" ris agus dh'fhalbh i e. Seo toiseach an sgeòil seo.

Tha an leabhar làn de sgeulan mar ciamar a fhuair e an ceadachas seilge, ciamar a fhuar e a chiad ghunna, ciamar a shealg e a chiad shitheann; calman fiadhaich, carson a dh'iàrr tuachnach air trì ròcais a shealg, ciamar a dh'ith e ròcas agus sgeulan eile.

An t-ùghdar a' sealg coinein

Tha a h-uile sgeul fìor. Chan eil beatha de shealgairean Iapanach àitheanta gu cumanta agus tha an leabhar glè inntineach. Tha a shgeulan simplidh agus eibhinn. Agus tha aphàipear-éibhinn math cuideachd. Tha an leabhar a' còrdadh rium gu math.

Amazon.cojp: An seo.

2012-03-23

Na Rinn Poileasmain o Chionn Ghoirid

Aodach a' phoileasmain air rop an eadar-lìon

Air an 23 Màrt tha poileasman de Phoileas Siorramachd Yamanasi air a chur an greim. Fheuch e ri  aodach a' phoileasmain a reic air rop an eadar-lìon.
http://www3.nhk.or.jp/news/html/20120323/k10013918331000.html

Trì poileasmain a' dràibheadh air mòr-rathad an asgaidh

Bha trì poileasmain de Phoireas Siorramachd Hyogo a' cleachdadh geata a' phoileis agus bha iad a' dràibheadh air mòr-rathad airson cleachdadh pearsanta an asgaidh fada ceitheir bliadhna. Fhuair trì poileasmain eile seo a-mach ach fheuch iad ri seo a chum rùnach. Tha luchd-casaid a' rannsachadh nan cùisean a rinn na sia poileasmain.

Tha geatan air a h-uile mòr-rathad agus feumaidh na dràibheaidh cìs a phàighead ann an Iapan.
http://www.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/220323011.html

Poileasman air 300 leth-bhreac de leabhraichean-pòca a' phoileasmain fuadain a reic air an eadar-lìon


Leabhr-pòca a' phoileasmain fuadain 

Air an 22 Màrt, tha poileasman de Phoileas Siorramachd Òsaca air cur an greim. Rinn e leabhraichean-pòca a' phoileasmain fuadain agus tha e air 300 leth-bhreac a reic air an eadar-lìon. Bha e air a bhith a' ruith an gnothaich seo fada sia bliadhna agus rinn e mu 10 millean de phrothaid.
http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120322-OYT1T01025.htm

13 poileasmain a' facail 62 cùisean fada

Tha Poileas Sapporo an Iar, Siorramachd Sapporo air poileasman a chur á réim airson mìos agus air rabhadh a thoirt do 12 poileasmain. Bha iad a' facail 62 cùisean fada.
http://www.hokkaido-np.co.jp/news/donai/359493.html

Poileasman a' tort gnìomh drabasda do chaileag

Air an 16 Màrt, tha Poileas Tòcèo air poileasman a chur á réim airson sia mìosan. Thug e gnìomh drabasda do chaileag.
Thug Poileas Tòcèo do phoileasman eile 10% gearradh tuarasdail. Bhuail e poileasman eile a chionn 's nach do bheannaich e dha.

Tachartasan na Ceumnachd sna Bunsgoilean ann an Fukushima

Air an 23 Màrt, bha tachartasan na ceumnachd air na cumail sna 477 bunsgoilean ann an Fukushima anns a thachair an sgiorradh san ionad niuclasach. Mu 18,000 sgoilearan a' fagail nan bunsgoilean. Tha Baile Tomioka a' bunntainn do Raon Cunnartach gu lèir agus bha dà bhunsgoil sa bhaile air an tachartas a chumail ann an oifis na factaraidh. Tha Baile Ohkuma air an aon suidheachadh agus bha dà bhunsgoil sa bhaile air an tachartas a chumail ann an sgoil sean ann an Cathair Aizuwakamatsu a bha còrr is 100 cilemeatair fada bhon sgoil.

Tachairtas na ceumnachd ann an Fukushima

2012-03-22

Leabhar-pòca Rèididheachd

Bheir Baile Namie Leabhar-pòca Rèididheachd dhan h-uile neach-còmhnaidh. Tha am baile faisg air Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi agus am fearann a' bunntainn do Raon Cunnartach no Raon Falmhachaidh gu lèir. Sa Ghiblean, dheibh am baile whole body counter; an t-inneal a' tomhais reididheachad a fhuair duine sa chorp. Bithear a' cleachdadh an leabhair-phòca airson an reididheachad agus toradh nan sgrùdaidh eile a chur air clàr.

Whole body counter

Sa Ghiblean, bithear a' toirt na leabharaichean-pòca dhan 21,000 luchd-còmhnaidh a bha a' fuireach sa bhaile nuair a thachairt an sgiorradh san ionad niucleasach.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012032101001541.html
Namiemachi: http://www.town.namie.fukushima.jp/ (Iapanach)

2012-03-21

17 Bliadhna an Dèidh na Ionnsaigh Gas Sarin

Air an 20 Màrt, tha 17 bliadhna air a dhol seachad o chionn a bha Oum Sgunrikyo, an cult Iapanach air an ionnsaigh gas Sarin a dhènamh san rathad-iarainn fon talamh. Bha seirbheis chuimhne air cumail san stèisean trèanaichean Kasumigaseki. Air do aon den luchd-frithealaidh flùraichean a thoirt, thuir e, "Tha a' chùis a' leantainn fhathast."

San seirbheis chuimhne san stèisean trèanaichean Kasumigaseki

Mu ochd uairean sa mhadainn air an 20 Màrt 1995 bha Aum Shinrikyo air Sarin a chrach sna còig trèanaichean. Bhàsaich 13 daoine agus bha cron air a dhèanamh air còrr is 6,300 duine.

Air an 22 Màrt 1995, chuir am poileas Shoko Asahara, an ceannard agus na 13 luchd-leanmhainn an greim. Agus fhuair Asahara agus naonar luchd-leanmhainn am binn-bhàis. Air an 31 Dùbhlachd, chuir am poileas Makoto Hirata an greim. Ach tha dithis neach-leanmhainn a' dol às fhathast.

Bha boireannach sa stèisean Kodenmacho air an lath agus rinn gas Sarin cron air a sùilean. Air dhi flùraichean a thoirt, thuir i, "Bidh mi lan de fhearg agus fhaireachdainn chruaidh air an lath a h-uile bliadhna. Bidh a' chùis a' leantainn gus am bi a h-uile murtair air a chur an greim, a h-uile fulangaiche air fàs gu math agus a h-uile inntinn bhochd air fàs slàn."

Tokyo News: http://www.tokyo-np.co.jp/article/national/news/CK2012032102000029.html
Sarin gas attack on the Tokyo subway: http://en.wikipedia.org/wiki/Sarin_gas_attack_on_the_Tokyo_subway
Aum Shinrikyo: http://en.wikipedia.org/wiki/Aum_Shinrikyo

Lath de Cho-fhad-thràth an Earraich

'S e Lath de cho-fhad-thràth an earraich air an 20 Màrt. 'S e lath sàor nàiseanta cuideachd. Bhathar a' cantainn Shunki-koureisai air agus b' e lath a thoirt aire air na iompairean seachadail ron 1947. An diugh tha sinn a' cantainn Shunbun no hi agus thathar ag ràdh gur e an lath a mholadh an nàdair agus a ghabhail gaol air beatha.

Cradh traidisenta

Ach 's àbhaist dhuinn, Iapanich a bhith a' tadhal air uaigh an teaghlaich air an lath. Thathar a' cantainn Higan no Ohigan ris gach lath de cho-fhad-thràth an earraich agus an fhoghair agus gach trì làithean roimhe agus an dèidh an lath. Tha e traidiseanta a thadhal air uaigh an teaghlaich air aon dhiubh.

Tadhal air an uaigh

'S e facal de Bhuddhadhachd a th' ann an Higan agus tha e a' ciallachadh suidheachadh gun choir inntinneil a tha a' dorchnachadh an anma gu bunasach. Tha e a' ciallachadh an àite air a bheil spioratan nan daoine a bhasàich an còmhnaidh an diugh ann an Iapan. Ach tha e cumanta do Iapanaich a thadhal air an uaigh ann an Higan ge b' e dè an creideamh dha a tha iad a' buntainn.

Vernal Equinox Day: http://en.wikipedia.org/wiki/Vernal_Equinox_Day (Beurla)
Higan: http://en.wikipedia.org/wiki/Higan (Beurla)

2012-03-19

Ochd Ciontaich a' dol seachad air an Imrich-a-steach

Tha Biùro na Imrich-a-steach air a nochdadh gun deach ochd ciontaich seachd air imrich-a-steach sna puirt-adhair agus às thairis.

Ann an Port-adhair Haneda

Tha am poileas gan lorg agus iàrr e air Biùro na Imrich-a-steach stad a chur orra aig imrich-a-steach sna puirt-adhair. Tha siostam aig gach imrich-a-steach airson daoine àraid fhaithneachadh ach cha tug an luchd-sgrùdaidh an aire.

Tha aon dhiubh na Shìonach agus chaidh e thairis air an 28 Earrach,. Ach tha e air a chur an greim nuair a ràinig e air Port-adhar Haneda ann an 5 Gearran.

Sankei.jp: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/120319/crm12031914590009-n1.htm

A' Chluas-mhara as Fhèarr

'S e ballan-seilcheig mòr (5-20 cm) a tha ann an cluas-mhara (abalone) agus tha iad an còmhnaidh air creagan sa mhuir. Tha i poibleach mar biadh blasta agus glè dhaoir ann an Iapan agus Sìona. Thathar a' cleachdadh cluas-mhara amh airson biadh ann an Iapan ach tè thioram ann an Sìona. Agus thathar a' dèanamh na cluais-mhara as fhèarr ann an Yoshihama, Siorramachd Iwate agus thathar ga moladh gu sònraichte ann an Hongkong. Thathar ag ràdh nach eil cluas-mhara às na àitean eile cho blasta ri tè à Yoshihama.

Cluais-mhara

Cluais-mara thioram

Tha Chikara Tamura air a bhith a' dèanamh cluas-mhara tioram le dòigh traidiseanta fada 40 bliadhna. Tha dath, cumadh agus meud na cluas-mhara aige uile aig a' chiad ìre. Tha cileagram de a chluas-mhara a' cosg mu 800 notaichean. Ach tha a thaigh-oibre air milleadh gu tur air an 11 Màrt an-uiridh leis a' chrith-thalamhain agus an tsunami.

Thuirt e, "Bha mi cinnteach nach robh ach tobhta againn."

Mgr Tamura agus a chluais-mara

Manaidsear Mitsui

Ach cha tug iad suas. Tha Yutaka Mitsui, a' mhanaidsear agus sianar luchd-cosnaidh air an t-eabar agus na clachan a thoirt air falbh agus an taigh-oibre ùr a thogaila. Bha an taigh-oibre deiseil san t-Samhain an-uiridh nuair a thòisich na daibhearan cluas-mhara a thogail.

Thadhail aonad an fhilm à HongKong air an taigh-oibre agus bha seo a' nochdadh gun robh ùidh mhòr aig Hong Kong sa chluas-mhara à Yoshihama.

Tha Mgr. Tamura a' cur cluais-mara am bliadhna a-nis.

San taigh-bìdh ann an HongKong

NHK: http://www.nhk.or.jp/worldnet///monthly/2012/0310.html
TV Detazo: http://datazoo.jp/w/%E3%81%82%E3%82%8F%E3%81%B3/9932026

2012-03-17

Ith agus Cuir Taic ri Iapan an Ear

Tha Riaghaltas Iapan air film goird a' dhèanamh agus a chur air Youtube a chur air adhart an sgìre a fhulaing a c' chrith-thalmhain, an tsunami agus an rèididheachad. Tha Tokio, còmhlan seinneadairean poibleach air an nochdadh san fhilm ach...

Tokio air an fhilm

Tha an dà chuid de na guthannan deimhinneach agus àicheanach air an cur à Iapan do Youtube. Ach chan eil ach guthannan deimhinneach às na dùthchannan eile.

Ma bhios ùidh agaibh ann, tadhail air Youtube.

Bhideo

Lovedoor News: http://news.livedoor.com/article/detail/6369132/
Ith agus Cuir Taic: http://syokuryo.jp/news-commercial/2011/06/tvcm-1.html
Youtube / Let's Support East Japan by Eating!: http://www.youtube.com/watch?v=d3njJ8Ppp2A

2012-03-16

Biadhan sna Basgaidean-sgudail

Thathar a' fagail iomadh biadh sna basgaidean-sgudail sna àrainnean-frithealaidh air na mòr-rathaidean timcheall air Fukushima a h-uile lath. 'S iad suiteas, glasraich agus rìs à Fukushima. 'S e thiodhlaic a thug daine ann an Fukushima dhan theaghlach, charaidean agus shaor thagraichean às na siorramachdan eile ach tha iad gan fagail sna àrainnean-frithealaidh a chionn 's gur iagal gu bheil rèididheachd sna biadhan. Cha b' urrain dhaidh gan chrìonadh no gan beirsinn dhachaigh. Cha robh iad cèarr. Cha robh dòigh nas fhèarr aca.

Basgaidean-sgudail sna àrainnean-frithealaidh air na mòr-rathaidean

Tha ball-pàrlamaid à Fukushima ag ràdh gu bheil a h-uile biadh às an siorramachd sàbhailte gu tur an diugh agus fathann agus mì-fhios a' dèanamh nan challa seo.

Tha fir-sgudail ag ràdh gun seall e suiteas ionadail agus glasraich sna basgaidean-sgudail gu tric. Bheir iad an aire gu furasta a chionn 's gum bi a' bhasgaid le biadh trom. Chan fhaca iad rudan mar sin ron chrith-thalmhain. Ach tha aon dhiubh ag ràdh cuideachd gu bheil gan tuigsinn. Tha mac aige agus the e a' fuireach ann an Fukushima comla ri a bhean. Agus chan eil i a' ceanach biadhan a Fukushima.

An diugh the biadh Iapanach fumail agus a' còrdadh ri mòran daoine. Ach tha in-mhalairt na biadhan à Iapan air a bhith a' dol an lughad ann an Eoropa. An dèidh an sgiorraidh an ionad niucleasach chan eil an sluagh Eòrpach cinnteach gu bheil na biadhan Iapanach sàbhailte ge b' e dè an siorramachd às a tha biadh a' tighinn. Agus tha gach riadhaltas airson teisteanas a tha a' nochdadh gun rèididheachd agus tha seo a' dèanamh trioblaid mhòr. Agus chan eil an riaghaltas Iapan taiceil dha na ás-mhalairtearean Iapanach idir.

Ach ann an USA tha in-mhalairt na biadhan à Iapan air a bhith a' fàs nas motha. Tha FDA (Gnìomhachadh Bìdh is Droga) a' feuchainn deuchainn air gach biadh à Iapan agus a' nochdadh na sàbhailteachd bìdh Iapanach dha mhuinntir. Feumaidh Iapan a' cur taing dhan riaghaltas an Stèisean Aonaichte.

News-Post: http://www.news-postseven.com/archives/20120313_94151.html

2012-03-15

Gun Sàbhailteachd a Dhearbhadh sna 13 Ionadan Niucleasach faisg air Leathad

Air 13 Màrt, tha an aire air toirt air nach eil sàbhailteachd air dearbhadh ann an dad den na 13 ionadan niucleasach faisg air leathad. Is eagal gun tachail maoim-slèibhe no tuiteam na tùir agus tha Ministear an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais air an òrdugh a chur do gach buidheann dealain ann an 2006. Cha tug dad dhiubh cunntas air idir agus thathar ag ràdh gu bheil èiginn dha na buidhinn dealain cunntas a chur gu lutha.

An tùr a bha a' cur dealain do Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi. Thuid e, chaill an t-ionad an dealan airson fionnarachadh agus ruith na ceallan-connaidh sìos.

Tha 18 ionadan niucleasach an an Iapan agus 13 dhiubh faisg air leathad.

Sankei Shinbun: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/120314/dst12031407490002-n1.htm

2012-03-14

Buadh Chudtromach Chultarach Nàiseanta air Goid

Tha Mokuzou-Kongoukai-Dainichinyorai-Zazou (木造金剛界大日如来坐像), buadh chudtromach chultarach nàiseanta air goid ann an Teampall Enichi, Siorramachd Kouchi. 'S e seòrsa ìomhaigh choillteach Buddha agus tha i air dèanamh san 11 no 12mh linn. Tha i mu 53 ciadameatair a dh'àirde.

Teampall Enichi

Mu 10:30 sa mhadainn air 13 Màrt, tha an t-àrd-sagart air an aire a thoirt gu bheil a' ghlas air briseadh san teampall mhòr agus ceitheir ìomhaighean air goid. Is aon dhiubh buadh chudtromach chultarach. Tha dà bhuadh chudtromach chultarach eile ann ach tha iad sàbhailte.

Tha am poileas a' lorg luchd-reubainn.

Mokuzou-Kongoukai-Dainichinyorai-Zazou

2012-03-13

30,651 Daoine a' Cur Às Dhaibh Fhéin

Thug Buidheann-ghnìomha Phoileais Nàiseanta cunntas air fèin-mhurt agus tha e a' nochdadh gun do chuir 30,651 daoine às dhaibh fhèin ann an 2011. Tha an àireamh seo 1,039 daoine nas lugha na an tè na bliadhna an-uiridh ach the an àireamh a' bhoireannaich 289 daoine nas motha agus 31.6% den tè iomlan.

Tha e cumanta gum biodh an àireamh a' Mhàrt as motha ach ann an 2011 bha an tè a' Chéitean a bu mhotha an-uiridh. Tha an riaghaltas a' tomhas gun robh an eaconomaidh chruaidh an dèidh na crith-thalmhainn a' ruigsinn air an àireamh.

Tha an saoghal làn de thrioblaidean.

Mar na adhbharan an fhèin-mhurit, bha trioblaid do slàinte aig 14,621 daoine agus a bu mhotha. Bha trioblaidean do dh'eaconomaidh, bheatha agus theaghlach a' leantainn.

Is Iapan an ceitheramh dùthaich anns a biodh an àireamh an fhèin-mhurit as motha san t-saoghal.

Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201203090114.html
List of countries by suicide rate: http://en.wikipedia.org/wiki/List_of_countries_by_suicide_rate (Beurla)

2012-03-12

Trì Mìle Duine a' toirt Casaid a Chur an Aghaidh Ionaid Niucleasach

Tha mu trì mìle duine air casaid a thoirt air Buidheann Chumhachd Dealain Kyushu a chur stad air Ionaid Niucleasach Genkai ann an Baile Genkai, Siorramachd Saga.


Ionad Niucleasach Genkai

An dèidh an sgiorraidh an Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi, tha an riaghaltas a' sìor cur air adhart na ionadan niucleasach fhathast. Ach tha am beachd poblach an aghaidh air a bhith a' fàs nas treasa agus tha iomadh duine ag obair a chur stad air na ionadan noicleasach.

Tha na luchd-lagha air a nochdadh gum bheil iad a' deasachadh a chur casaid air an aon bhuidheann a chur stad air Ionad Niucleasach Sendai ann an Baile Satsumasendai, Siorramachd Kagoshima.


Ionad Niucleasach Sendai

Tha Akira Hasegawa, ceann-feadhna an luchd-casaid ag ràdh, "Is fìor-riochdail gum bi mìle duine a' cur casaid. Atharraicheamaid am poileasaidh niucleasach!"

Tha Buidheann Chumhachd Dealain Kyoshu ag oibreachadh Ionad Niucleasach Genkai agus Ionad Niucleasach Sendai agus a' dèanamh 5,258 mìle kW.

Fios: Tha Sendai (川内), far a bheil  Ionad Niucleasach Sendai, eadar-dhealaichte bho Sendai (仙台) far a bheil air an crith-thalmhain a fhulaing.

2012-03-11

Na Thachair air an 11 Màrt 2011

Fhulaing Sgìre Tohoku an crith-thalmhainn agus an tsunami uabhasach air an 11 Màrt an-uiridh. Fhuair an sgìre am milleadh oillteil mar leanas.

Bàsich 158,54 daoine
Cron air 26,992 daoine
Fasgadh anns a tha 343,935 daoine
Mhilleadh 383246 taighean

Chan eil ath-shlànachadh a' dol air adhart gu math idir. Thug mòran daoine suas fhuireach nan bailtean agus dh'fhalbh iad dha na bailtean eile.


大きな地図で見る

2012-03-06

Prìomhair Noda Coinneadh ri Ceann-suidhe Putin aig G8

Tha Vladimir Putin air a choisrigeadh mar Ceann-suidhe Ruiseanach agus thòisich an riaghaltas de dh'Iapan is Ruisia a bhith a' cur air dòigh coinneamh eadar Ceann-suidhe Putin is Prìomhaire Noda aig G8 ann an Camp David sa Chèidean. Tha Ceann-suidhe Putin deònach Chonnspaid Eilean Kuril fhuasgladh agus is coltach gun do chuir gach riaghaltas dha a bhith a' lorg spùda airson an fhuasglaidh.

2012-03-05

An Clàr as Àirde: Taice Teachd-a-steach Mì-cheart

Thug Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair cunntas air taic teachd-a-steach agus tha an aire air a thoirt gun d'fhuair mu 25 mìle luchd-gabhail 12.8 billean yen gu mì-cheart an-uiridh. Tha an àireamh 5.6 mìle nas àirde agus am meud 2.66 billean yen nas àirde na 'n clàr na bliadhna an-iuridh. Agus 's e an clàr as àirde a tha annta.

Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair

Mar cùisean de thaice teachd-a-steach mì-cheart, bha 44% dhiubh ag obair agus a' faighinn teachd-a-steach agus 28% dhiubh a' faighinn an dà chuid de dh'airgead-beatha agus thaic teachd-a-steach.

Tha còrr is 2 millean duine a' faiginn taice teachd-a-steach agus an luchd-gabhail mi-cheart a' toirt trioblaid mhòr.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20120302/t10013422911000.html

2012-03-03

Hinamatsuri

'S e tachartas traidiseanta airson caileagan a tha ann an Hinamatsuri agus bithear ga chumail air an 3 Màrt. Thathar a' cantainn Momo no sekku (Lath tachartais na peitseige) cuideachd. Tha an tachartas seo glè phoipleach agus a' còrdadh ri iomadh teaghlach aig a bheil caileag.

Hinaningyou: Na liùdhagan traidiseannta ann an Hinamatsuri

Bithear a' cur air cois liùdhagan traidiseannta a' dheilbh meadhan aoiseach ron 10-20 làithean. Tha na liùdhagan a' nochdadh pòsaidh ìmpireil meadhan aoiseach.

Air an lath Hinamatsuri, bithear a' cur an dòigh biadh, suiteas agus deoch thraidiseanta, a' cur air cois blàthan na peitseige agus a' cumail pàrtaidh airson fàs fallain nan caileagan. Tha Chirashizushi agus Shirozake cumanta mar am biadh agus an deoch. Thathar a' seinn òrain cuideachd.

Chirashizushi: Seòrsa Sushi. Biadh mar iasg, ugh, glasraichean air rìs geur

Hinaarare: Suiteas traidiseanta air an lath Hinamatsuri

Shirozake: Bidh clann ag òl Shirozake gun dh'alcol.

Tha clàr ann a bhathar a' cumail tachartas mar seo ann an Cèoto anns an Ùine Heian (794-mu 1185) ach chan eil e air a dherabhadh gur e an toiseach a bha ann.

Hinamatsuri: http://en.wikipedia.org/wiki/Hinamatsuri
Ùine Heian: http://en.wikipedia.org/wiki/Heian_period

2012-03-02

Prìomhair Putin: Tha mi airson a chur às do Chonnspaid Eilean Kuril

Air an 1 Màrt sa taigh phearsanta aige, thuirt Prìomhair Putin dha na meadhanan coigreach, "Tha mi airson a chur às do Chonnspaid Eilean Kuril agus ga fuasgaladh leis an dòigh a 's urrain dhan dà dhùthaich a ghabhail."

Tha Iapan agus Ruisia air a bhith a' dèanamh gnothach ri chèile mu dheidhinn sealbhachaidh de dh'Eilean Kuril agus Sakhalin o chionn 1855. An diugh, tha Iapan a' tagairt gu bheil Ruisia a' riaghladh Etorofu, Kunashiri, Shikotan agus Habomai gu dearbh ach 's e Iapan  a tha a' sealbhachadh na eilean gu ceart. (mion-fhiosrachadh an seo.)

Prìomhair Putin

Tha am prìomhair air iomradh a thoirt air a' cho-fhoirgheall eadar Ruisia agus Iapan ann an 1956 a tha a' nochdadh gum bi Ruisia a' toirt Habomai agus Shikotan do dh'Iapan air ais agus thuirt e "Cha biodh co-fhoirgheall eadar Ruisia agus Iapan tuilleadh" ma biodh Iapan airson na ceitheir eilean.


Eilean Kuril

Just News: http://www.j-cast.com/2012/03/02124201.html
Kuril Islands dispute: http://en.wikipedia.org/wiki/Kuril_Islands_dispute

2012-03-01

Bàs de 9 Coin

Tha Poileas Matsubara, Òsaca air Yui Douchi a chur ann an greim le amharas a bha i a' fagail 12 coin san taigh aice gun bhiadh agus bàsaich 9 dhiubh. Thuirt i "Cha do dh'fhag mi iad. Thàinig mi dhachaigh airson na coin a bhiadhadh. Bha iad marbh agus fhòn mi dhan adhlacair. Chan eil fhios agam cia mheud a bhàsich" agus tha i ag àicheadh an amharais.

Tha na tri coin fann ach gu math agus tha cù cathaireil saor-shiubhail (free-ranging urban dog) ionadail a' toirt an aire orra.

Na tri coin

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120301-OYT1T00459.htm

Gun Shmachd-bhannan Eaconomach dha na Bancaichean Iapanach sna USA

Air an 28 san éisteachd phoplaich, thuirt Rùnaire na Stàite Clinton, "Tha dùil aig Iapan 15-20% den  ion-phortachadh ola à Iran a toirt air falbh" agus nochd i gu bheil i a' dhèanamh gnothaich ri Iapan mu dheidhinn a' mheud na bliadhna agus nach bi na Stàitean Aonaichte a' toirt na smachd-bhannan eaconomach dha na bancaichean Iapanach sna Stàitean Aonaichte.

'S e a chiad dh'aithris a tha oifigear àrd-rangach air a thoirt mu dheidhinn na ìre a' mheud gu soilleir.

Rùnaire na Stàite Clinton

Tha an Stàitean Aonaichte ag iarraidh air Iapan gun dh'ion-phortachadh ola à Iran agus biodh dùil aca na smachd-bhannan eaconomach a thoirt dha na bancaichean Iapanach sna Stàitean Aonaichte mura biodh Iapan a' ceanach ola bho dh'Iran.