2012-04-16

Guiness a' clàradh Fèis Tighearna Shingen mar an Cruinneachadh as Motha nan Samurai

Air 7mh lath den Ghiblean, chumadh Fèis Tighearna Shingen ann an Cathair Kofu, Siorramachd Yamanashi. Bha còrr is 1,100 Samurai a' cruinneachadh air achadh faisg air Stèisean Kofu. Tha Guiness air a dhhearbh gun robh 1,061 Samurai ann agus tha am fèis air a chlàradh mar an cruinneachadh as motha nan Samurai. Bha comataidh an fhèise cinnteach gun robh còrr is 1,100 Samurai ann ach cha toir Guiness an aire air na daoine le uaireadair-làimhe no fón-làimhe mar Samurai.

Thug an neach-rèiteachaidh à Guiness do chomataidh an fhèise teisteanas an aithneachaidh.

Bha Shingen Takeda a' riaghaladh Kai; Siorramachd Yamanashi an lath diugh anns an 16mh lìnn agus ainmeil mar aon de na tighearnan cumhachdach na Ùine Sengoku.

'S e fèis poibleach a th' ann an Fèis Tighearna Shingen. Bidh e air cumail san Earrach a h-uile bliadhna agus bidh còrr is 100 millean daoine a' tadhal air Cathair Kofu.

Tighearna Shingen Takeda

Na Samurai san fhèis.

No comments:

Post a Comment