2013-08-31

Riaghaltas a' Taiceadh a' Ghnìomha Armailteach ann an Siria

Air an 30mh latha den Lùnasdal, ah'àithn Shinzo Abe, Prìomhair a rannsachadh an fhiosrachidh ann an Silia agus a làidreachadh na corporaid còmhla ris na dùthchannan dìleas.

Sinzo Abe, Prìomhair

Taicidh Riaghaltas Iapan an gnìomh armailteach ann an Siria agus pàighidh e 10 millean dolar gus na fògarraich a chuideachadh a chionn 's gu bheil iomadh duine a' tòiseachadh air a dhol às bhon arm cheimigeach.

Tha UN ag ràdh gun deach corr is 1.8 millean duine às bho Siria agus phàigh Riaghltas Iapan 9 millean dolar gus ga chuideachadh gu lèir mu thràth.

http://sankei.jp.msn.com/politics/news/130831/plc13083109560006-n1.htm

2013-08-30

Bomadh Atamach an Aghaidh nan Laghannan Eadar-Nàiseanta?

Air an 28mh latha den Lùnasdal, thàinig Riaghaltas USA gu beachd gu bheil Rianachd Asad air arm ceimigeach a chleachdadh agus chuir Marie Harf, fo-neach-labhairt USA cudthrom gu bheil am mort, a rinn Rianachd Asad gun shònrachadh ann an Siria, an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta gu cumanta.

Marie Harf, fo-neach-labhairt USA

An aghaidh na aithisg, chuir neach-naidheachd Reuters ceist oirre, "A bheil e an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta, a tha sibh ag ràdh, cuideachd gu bheil USA air iomadh duine a mharbhadh le bom atamach ann an Hiroshima agus Nagasaki?"

Cha tug am fo-neach-labhairt beachd sam bith air.

Sankei.jp: http://sankei.jp.msn.com/world/news/130829/amr13082912260006-n1.htm

2013-08-29

2DS, Pada Geama Ùr le Nintendo

Air an 28mh latha den Lùnasdal, tha Nintendo air a nochdadh gum bi 2DS, pada geama ùr air fèill air an 12mh latha den Dabhair ann an Aimeireaga a Tuath agus san Roinn Eòrpa.

2DS

'S e pada geama nas saoire na 3DS a th' ann agus bidh e a' cosg aig £109.99. Bithear a' cluich nan geamaichean DS agus 3DS ged a tha an sealladh a' nochdadh san dara dimeinsean.

Reuters: http://jp.reuters.com/article/marketsNews/idJPL4N0GT1LC20130828


Nintendo 2DS

2013-08-27

A' cur dheth Epsilon, an Rocaid a chur a-mach

Air an 27mh latha den Lùnasdal, tha JAXA (Buidheann an Adhar-Fhànas Taisgealaidh Iapan) air a chuir dheth Epsilon, an rocaid a chur a-mach a chionn 's gu bheil am mothaichear air claonadh na rocaid a nochdadh. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an rocaid ach cha robh mothaichear ann agus tha JAXA a' smaointinn gun robh am mothaichear ag obair gu giamhach. Tha JAXA a' sìor dhèanamh sgrùdadh air an rocaid agus an t-siostam.

Tha JAXA ag ràdh gum bi a dhìth oirre dà latha a bhith deiseil a chur an rocaid a-mach.

Asahi.com: http://www.asahi.com/tech_science/update/0827/TKY201308270248.html


Bhideo Sruthach Epsilon

Aig 13:45 air an 27mh Lùnasdal bidh JAXA (Buidheann an Adhar-Fhànas Taisgealaidh Iapan) a' taisgealadh Epsilon, rocaid ùr. Chì sibh am bhideo sruthach leis a' chamara bhèo.

Epsilon bhideo sruthach: http://fanfun.jaxa.jp/countdown/epsilon/epsilon_live.html

Epsilon

John Reddie Black agus "Young Japan"

Fhuair mi "Young Japan, Yokohama and Yedo", leabhar sgriobhte le John Reddie Black (1826-1880) a bha a' fuireach ann an Iapan eadar 1863 agus 1879. 'S e sgrìobhadair agus foillsichear Albanach sa 19mh linn a bh' ann.

The Daily Japan Herald

Thàinig e dhan Iapan ann an 1863 agus bha e a' foillseachadh "The Japan Herald" comhla ri Albert Hansard. 'S e a chiad phàipear-naidheachd lathail a bh' ann. Thòisich esan ri "The Japan Gazette", am phàipear-naidheachd lathail aige-san fhoillseachadh ann an 1867.


J. R. Black
An dèidh sin, bha e a' foillseachadh corra phàipear-naidheachd ach cha bu beag air an riaghaltas Iapanach Black a bha a' nochdadh saorsa nam meadhanan agus dh'fheumais e Iapan fhalbh.

Dh'fhalbh e Iapan agus bha e a' foillseach pàipeair-naidheachd eile ann an Shanghai. Agus is e "Young Japan" a sgriobh e nuair a thàinig e do dh'Iapan ann an 1912. Tha a sgriobhadh làn de thachairtais an linn agus a bhachd agus fìor inntineach.

Ma bhios ùidh agabh san leabhar, leubhidh sibh an asgaidh aig http://archive.org/details/youngjapanyokoh00unkngoog.

J. R. Black: http://en.wikipedia.org/wiki/J._R._Black

2013-08-24

Fèis na Biadhan glè Theth

Thathar a' cumail Fèis na Biadhan glè Theth ann an Pàirc Okubo, Kabukicho, Shinjuku (Mapa) eadar an 22na latha den Lùnasdal agus a' 1at latha den t-Sultain. Tha naoi teantaichean ann agus bidh sibh a' feuchainn ris na biadhan glè theth bho na h-Innseachan, an Iapan, an Etìopia, an t-Sìona, a' Mheagsago, Dùthaich nan Tàidh agus a' Choilea. Tha an t-inntreas an asgaidh. Tha gach biadh a' cosg 600 JPY (soitheach bheag), 900 JPY (soitheach a' mheadhain) agus 1,200 JPY (meadhan mhòr).

Fèis na Biadhan glè Theth: http://www.gekikara-gourmet.com/


Fèis na Biadhan glè Theth

2013-08-22

Fear gun Fhortan ann an Nara

Tha Nara sa seann bhaile a thogadh mar phrìomh-bhaile ùr Iapanach ann an 710. Tha an t-àm gu lèor fhalach a h-uile rud fon talamh.

Tha fear a tha a' fuireach ann an Nara a' cur ceist aig mynavi news mar leanas.

"Tha mi a' fuireach ann an Nara. Dh'feuch mi ri taigh a thogail ceithir uairen roimhe ach dh'fheumas mi stad a chur air a chionn 's gun d' fhuaras a-mach tobhta eachdraidheil a h-uile turas. Thathar a' cumail a h-uile àite mar mhaoin dhualchasach a-nis. Bha dùil agam taigh a thogail a-rithst ach fhuaras lorg air uaigh àrsaidh an nuair seo. Tha mi a' tuigsinn gu bheil na tobhtaichean cutthromach ach tha còig trais cus."

Carson nach eil e sa àrsaidhear? Ach is coltach gu bheil e a' smaoinntinn gur e fear gun fhortan a th' ann.

Aon eisimpleir: Tobhta Makimuku, Baile Sakurai Nara Sgìre
Bha dùil aig oifis a' bhaile sgoil agus taigheadais a thogail ach ...
Ach is coltach gu bheil rudan mar seo cumanta don muinntir an àite. Tha i ag ràdh mar leanas.

"Bidh rudeigin ann nam dùisgte talamh."
"Tha uaigh àrsaidh ann an raon an sgoile."

Ma bhios sibh ag iarridh taigh a thogail ann an Nara, is nas fhèarr sibh an t-àite a rannsachadh mus ga cheannach.

Mynavi News: http://qa.news.mynavi.jp/question/9498/
Nara: http://en.wikipedia.org/wiki/Nara_Prefecture

2013-08-21

Play Station 4 air Fèil san Roinn-Eòrpa air an 29mh latha den t-Samhain

Tha Sony air a nochdadh gum bi Play Station 4 air fèil san Roinn-Eòrpa air an 29mh latha den t-Samhain. Bidh am prìs aig 349.00 notaichean. Tha Sony ag ràdh gun d' fhuair i ordùighean airson corr is millean PS4 gu lèir san t-saoghail.



Sony PS4: http://uk.playstation.com/
Liosta nan Geamaichean: http://uk.playstation.com/ps4/games/
4gamer.net: http://www.4gamer.net/games/990/G999024/20130821004/

Rakuten: An 9mh Buidheann as Ùr-ghnàthaiche san t-Saoghal

Thug Fobes cunntas air 100 buidheanean as ùr-ghnàthaiche san t-saoghal. Tha Salesforce.com ann an USA sa chiad àite, Alexion Pharmaceuticals san dara àite agus VM ware ann an USA san treas àite. Tha ARM Holdings as ùr-ghnàthaiche mar buidheann Breatannach agus san 4mh àite. Tha Baidu sa Shìona as ùr-ghnàthaiche mar buidheann Àisianach agus san 6mh àite. Tha Takuten ann an Iapan san 9mh àite.


Fobes:http://www.forbes.com/innovative-companies/

Salesforce.com: http://www.salesforce.com/uk/
Alexion Phermaceuticals: http://www.alxn.com/
VM ware: http://www.vmware.com/
ARM Holdings: http://ir.arm.com/phoenix.zhtml?c=197211&p=irol-irhome
Baidu: http://www.baidu.com/
Rakuten: http://www.rakuten.co.uk/

2013-08-20

Epsilon, Rocait Eaconomach

Air an 27mh Lùnasdal bidh JAXA (Buidheann an Adhar-Fhànas Taisgealaidh Iapan) a' taisgealadh Epsilon, rocaid ùr.

Epsilon ann an Ionad Rocaid Uchinoura

'S e rocait eaconomach airson gnothaich an fhànais a th' ann an Epsilon Tha air ga dealbadh le JAXA agus IHI a chur frachd dhan fhànais aig a' chosg nas saoire. Cha do choisg leathnachadh na rocaid ach 20,500 millean JPY. Cha bhi aon Epsilon rocait a' cosg 3,000 millean JPY.

Tha siostam ùr fèin-ghluaiseach ann an Epsilon gus an rocait a chumail gu dòigheil agus cha ghabhar ach seachd laithean gus an rocaid a thaisgealadh fiu 's ged a bhitheadh mòran ag obair agus bìte a' gabhail 42 làithean gus rocaid a thaisgealadh roimhe. Tha IHI ag ràdh gu bheil e glè fhurasta Epsilon a thaisgealadh. Chan eil dìth ach dà choimpiutair pearsanta agus bidh an siostam fèin-ghluaiseach a' nochdadh nam biodh an rocait deiseil.

Bidh Epsilon a' cur na dreagaire, Sprint A dhan fhànas air an 27mh latha den Lùnasdal.

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/article/DGXNASDD160C7_W3A810C1000000/
JAXA: http://en.wikipedia.org/wiki/Japan_Aerospace_Exploration_Agency
Epsilon: http://www.jaxa.jp/countdown/epsilon/index_e.html
IHI: http://en.wikipedia.org/wiki/IHI_Corporation




Epsilon

Adobi air an Dealbhan as Brèagha a Thaghdh

Bha Adibi air a bhith a' cumail Còmhstrithe Dealbhan "Dìleibean Iapanach" 2013 agus air an dealbh a' leantainn a thaghadh mar an moladh as àrde agus thugadh 1,000,000 JPY dhan dhealbhair.

Beul na h-oighche ann an Tashibunoshou

Beul na h-oidhche ann an Tashibunoshou
Dealbhair: rockman5 (http://photozou.jp/user/top/3014713)
Àite: Tashibunoshou (http://ja.wikipedia.org/wiki/%E7%94%B0%E6%9F%93%E8%8D%98)

Tuilleadh fiosrachaidh: http://photozou.jp/contest/lightroom5/

300 Tunna Uisge le Rèididheachd air a Dhol as an Tanca-Stòrais

Air an 20mh latha den Lùnasdal tha Buidheann Dealain Tòceo air a nochdadh gun deach 300 tunna uisge leis rèididheachd air a dhol as an tanca-stòrais ann an 1mh Ionad Niuclasach Fukushima. Air dhan neach-cosnaidh lorg fhaighinn air lodan faisg air na tancaichean, rinn a' bhuidheann sgrùdadh air na tancaichean agus tha i air a dherbhadh gun deach an t-uisge as an tanca.

Na tancaichean

47News: http://www.47news.jp/CN/201308/CN2013082001001392.html

2013-08-19

Beinn-Teine Sakurajima a' Spreadhadh le 5,000 meatair Dos

Aig 4:31 feasgar air an 18mh latha den Lùnasdal, tha Beinn-Teine Sakurajima air a shpreadhadh gu mòr leis 5,000 meatair baideal na luaithre. Tha a' bheinn-teine ann an Kagoshima Sgìre san Iapan Iar-dheas, 1,117 meatairean a dh'àide agus faisge air Baile Kagoshima.

Beinn-teine Sakurajima feasgar air an 18mh latha

Thuid iomadh luaithre air Baile Kagoshima agus chuireadh stad air nan trèanaichean gus an luaithre a chur as na slighean. Cha do rinneadh cron air duine.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/english/english/newsselect/news/20130819p2g00m0dm026000c.html
Sakurajima: http://en.wikipedia.org/wiki/Sakurajima

ANN


NHK

2013-08-18

Àrd-eaglais Ùr Thrasdach ann an Christchurch

Air an 15mh latha de Lùnasdal, tha togalach ùr de àrd-eaglais trasdach ann an Christchurch deiseil agus air fhosgladh gu oifigeach. Tha an àrd-eaglais air a dhealbhachadh le Shegeru Ban, ailtire Iapanach agus air a thogail le siolandairean a' phaipeir dhìonach agus theas-fhulangach, tha mu 600 stòlan ann agus thathar an dòchas gum bi i a' cumail airson 50 bliadhna.


Àrd-eaglais Ùr Thrasdach
Àrd-eaglais Ùr Thrasdach

Dh'fhulaing Christchurch san t-Sealainn Nuadh crith-thalmhainn mhòr aig 6.3 air an streap Richtar ann an 2011, chaidh mòran togalaichen a bhriseadh gu tur ann an meadhean a' bhaile agus an àrd-eaglais thranstach air a mhilleadh gu mòr.

Shigeru Ban

Thuirt Linda Patterson, deadhan an gnìomh, "Bha an àrd-eaglais mu dheireadh sa samhla a' bhaile. Bidh an àrd-eaglais ùr sa samhla an ath-eagrachaidh agus na ath-thogail de Christchurch."

AFP: http://www.afpbb.com/article/life-culture/life/2961968/11191657
Shigeru Ban: http://en.wikipedia.org/wiki/Shigeru_Ban
Shigeru Ban Architects: http://www.shigerubanarchitects.com/


2013-08-16

Daniel Seaman: "Tha Mi Glè Sgith de Sheirbheis Chuimhneachaidh airson Fulangaichean a' Bhomb Atamach"

Tha Daniel Seaman, oifigeach àrd na Israel air a sgriobhadh air Fhacebook, "Tha mi glè sgith de sheirbheis chuimhneachaidh airson fulangaichean a' bhomb atamach. 'S e dìreach so-chòmhraideach a th' ann. Bha bomb air a leigeil air Hiroshima agus Nagasaki gus a dhìoladh air an ionnsaigh a thug Iapan. Feumaidh Iapan seirbheis cuimhneachaidh a chumail airson Sìonaich agus Koreanaich a bha an Iapan ìmpireil air a mharbhadh."

Daniel Seaman

Chuir an riaghaltas Iapanach an aghaidh ministrealachd na cùisean coigreach Israeil. Tha riaghaltas Israeil ag ràdh nach eil a bheachd a' nochdadh an t-suidheachadh Israeil.

Tha Mgr. Seaman na dhàil.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20130815/t10013807251000.html
Daniel Seaman: http://en.wikipedia.org/wiki/Daniel_Seaman

2013-08-15

Dealanach a' Tuiteam air Trèan


Mu 6:50 feasgar air an 12na latha den Lùnasdal, thuit an dealanach air an trèan faisg air an drochaid eadar Steisean Izumitamnagawa agus Steisean Noborito air Rathad Iarainn Odakyu. Bha cuid den trean air a losgadh ach cha do rinneadh cron air duine.

dealanach air an trèan

http://sankei.jp.msn.com/life/news/130814/trd13081422240020-n1.htm

Am bhideo: Seall seo aig 1:20

210 Tunnaichen an Uisge leis Rèidieachd san Ìre Àrd fon Ionad Niuclasach

Tha Buidheann Dealain Tòceo air a nochdadh gu bheil iad air a dhearbadh gu bheil 210 tunnaichen an uisge leis rèidieachd san 2,350 millean becquerel / liotair san fròg fon ionad niuclasach.

Tha meud mòr an uisge leis rèidiachd a' dol a-mach bhon ionad niuclasach dhan mhuir a h-uile latha mar Mherlion agus chan urrain dhan bhuidheann dealain stad a chur air fada dà bhliadhna an dèidh an sgiorraidh.

Yahoo News: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20130814-00000144-jij-soci

2013-08-14

Iompaire Showa, am Modail-Céire air Ròpe

Air an 13s latha den Lùnasdal. tha Christie's air a nochdadh gum bi Iompaire Showa (Hirohito), am modail-cèire a' dol air ròpa. Tha am modeail 165 cm a dh'àrde, san trusgan foirmeil. Bha air ga thaisbeanadh an ann taigh-tasgaidh a' mhodail-chèire ann an Eabhrac gu 1996 ach bha air ga dhùnadh, fhuar Sasanach e agus tha e air a bhith ga chumail san taigh.


Christie's

Thuirt e, "Chala mi gun robhar a' creidsinn Iompaire Showa mar aon dhia, fhuair mi ùidh ann agus fhuair mi e. A-nis, tha e doirbh ga chumail san taigh agus chuir mi dhomh ga reic."

Tha Christie's an dòchas gum bithear ga reic bho 2,000 gu 3,000 nota.

Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/world/news/20130814-OYT1T00386.htm

2013-08-13

Toyoshi Fuketa, Ball de NRC: "Canaidh sinn Merlion Ris..."

Air an 12na latha den Lùnasdal, bha Toyoshi Fuketa, ball de Choimisean a' Chonn-riaghlaidh Niuclasach (NRC) air a dh'aithris a tharraing air ais agus rinn e leisgeul.

Toyoshi Fuketa

A bhrudhinn mu dheidhinn an sgiorraidh san ionad niuclasach ann Fukushima sa choinneachadh, thuirt e, "Canaidh sinn Merlion ris" ruith den uisge leis rèididheachd san ìre àrd dhan mhuir. Ach sa bhad an dèidh sin tharraing e sin air ais agus thuirt e, "'S e facal iomrallach a bh' ann. Tha mi ag iarridh oirbh mo leisgeul a ghabhail."

Merlion

Tha meud mòr an uisge leis rèidiachd a' dol a-mach bhon ionad niuclasach dhan mhuir a h-uile latha (mar Mherlion?) agus chan urrain dhan bhuidheann dealain stad a chur air fada dà bhliadhna an dèidh an sgiorraidh.

An t-ionad niuclasach

Nikkei.con: http://www.nikkei.com/article/DGXNASDG1204P_S3A810C1CR8000/
Ionad Niuclasach ann an Fukushima: http://en.wikipedia.org/wiki/Fukushima_Daiichi_nuclear_disaster
Merlion: http://en.wikipedia.org/wiki/Merlion

210, 000 Duine dhan 84mh Comic Market

Air an 10mh latha den Lùnasdal, chlisg an 84mh Comic Market ann an Tòceo Big Site agus bha mu 210,000 duine ga fhrithealadh dìreach air an latha ged a bha i 40 puing Celsius.

Na daoine a tha a' dol do Chomic Market

Na bùird den 84mh Comic Market

'S e an tachartas as motha a' reic foillseachaidhean pearsanta a th' ann agus bha mu 11,800 buidhnean a' reic gach pàipearan-éibhinn, nobhailean, gèamaichean-bhideo, bathar eile air na bùird air an 10mh lath.

Bhathar a' cumail an 84mh Comic Market bhon 10mh chun 12na latha den Lùnasdal am bliadhna. Bha mu 35,000 buidhnean a' gabhail roinn den tachartas seo gu lèir agus thathar ag ràdh gu robh còrr is 500,000 duine ga fhrithealadh gu lèir.

Comic Market: http://www.comiket.co.jp/index_e.html
mantan-web: http://mantan-web.jp/2013/08/10/20130810dog00m200037000c.html


2013-08-08

Izumo, Long an Dìona air a Chur a-Mach

Air an 6mh latha den Lùnasdal, bha Izumo, lang ùr an dìona air a chur a-mach ann an Isoko, Yokohama.


Izumo


Izumo

Tha Izumo na long dhìona aig a tha naoi heileacoptairean agus o bi còig dhiubh a' dol a-mach air an adhar san àm cheudna. Tha Izumo 248 meatairean a dh'fhaid, 38 meatairean a leud agus 1,9500 tunna luchd. Tha seòmar am bi a' cumail 50 làraidhean ann.

Bidh Izumo deiseil airson oprachadh sa Mhàrt 2015 agus fon obrachadh airson cuairteachan nan eilean Iapanach iomallach a dhèanamh.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/select/news/20130807k0000m040089000c.html


Izumo

2013-08-06

Casan Iapanach Robotair air a Ùghdarrachadh mar Acainn Lèigheil

Air an 5mh latha den Lùnastal, tha Cybedyne, buidheann Iapanach air a nochdadh gu bheil HAL, a casan robotair air a ùghdarachadh mar acainn lèigheil ann ann EU. Bidh HAL a' cuideachadh nan daoine a chaill an comas gu leòr a choiseachd agus a' leigeil orra an comas fhaighinn a-rithst. Thathar ag ràdh gum bi HAL a' cur feabhas air comas nan daoine aig a bheil mi-riaghailt na coiseachd an dèidh dhaibh am balbh-thinneas no milleadh a' chnàmha-dhroma a fhulaing.

Yoshiyuki Sankai, stiùiriche riaghlaidh de Cyberdyne
a' fàilteachadh an ùghdarachaidh bho TÜV Rheinland

Thuirt Yoshiyuki Sankai, stiùiriche riaghlaidh de Cyberdyne, "Tha sinn air a bhith a' sìor leasachadh HAL o chionn fhada agus is mòr gum bi sinn ag ás-phortachadh seo do EU aig a tha a' chuid de 34% ann an margadh nan acainnean lèigheil san t-saoghal."

Fear air an t-siostam HAL

Fhuair Cyberdyne an t-ùghdarachaidh bho TÜV Rheinland agus bidh iad ag ás-phortachadh 10 siostaman HAL dhan Ghearmailt.

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/article/DGXNASFK05032_V00C13A8000000/
TÜV Rheinland: http://en.wikipedia.org/wiki/T%C3%9CV_Rheinland



Siostam HAL

2013-08-05

Chuireadh Ceithir Oileanaich dhan Ospadal agus bha Aon thiubh ann am Preathall

Chir Oilthidh Ryutsu‐Keizai aithreachas air a' mhanaidsear den chluba a' bhuill-beusa. Chuir e trèanadh cruaidh air buill a' cluba san tìde theth de 34 puingean Celsius agus cha do chuir e an òrdugh carbad-eiridinn ged a bha ceathrar dhiubh tinn san bheum-grèine.

Aig 2 uair feasgar air an 7mh latha an Iuchar, bha ball den chluba a' bhuill-beusa tinn nuair a bha iad a' dèanamh an trèanadh agus chuireadh e dhan ospadal air a' charabad-eirdinn. Ged a bha i nas teotha na 34 puingean Celsius ach bha am manaidsear a' sior leigeil leis na buill an trèanadh a dhèanamh. Eadar 3 uairean gu leth agus 4 uirean gu leth, dh'fhas ceathrar tinn ach cha do leig e leotha ach a laighe  agus cha do chuir e an òrdugh carbad-eiridinn. Cha do dh'fhas iad nas fhèarr agus chuir am manaidsear iad dhan ospadal leis chàr a bha ball eile a' dràibheadh. Nuair a ràinig iad an ospadal, bha aon dhiubh ann a, preathall.

Thuirt am manaidsear, "Nuair a bha mi leigeil leatha trèanadh a dhèanamh, bha mi a' smaoinntinn gun robh mi coma ged a bhiodh iad a' bàsachadh. Bha an t-eagal orm gum biodh an oilthigh feargach dhomh nam biodh mi a' cur an òrdugh carbad-eiridinn.

Ann an Oilthidh Ryutsu‐Keizai

Tha an oilthigh ag ràdh gun robh a ghnìomhannan fìor cheàrr. Tha cuid nan pàrantan a' chronachadh air a' mhanaidear.

O chionn ghoirid, is trioblaideach sna sgoilean agus oilthighean Iapanach gu bheil manaidearan a' cur trèanadh ro chruaidh air buill na clubaichean spòrss.

http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20130804-00000001-mai-soci

2013-08-02

FIT, Càr Ùr bho Honda

Tha Honda, buidheann a' chàr a' nochdadh gun tòisich a' bhuidheann air FIT, càr ùr a reic san Sultain. Tha an càr glè eaconomach leis siostam tar-chinealach. Bidh Fit a' siubhal fad 36.4 cilemeatair/liotair. Bidh còig daoine a' siubhal air ach bidh seòmar na trealaiche air leis làr còmhnard nuair a thathar a' dùnadh na seataichean-deiridh.

FIT

Honda: http://www.honda.co.jp/Fit/new/?from=top_content