2014-09-17

Okinawa a' tadhal air Alba gus ionnsachadh mar a thathar a' faighinn a Saorsa

Tha buidheann bho Okinawa a' tadhal air Alba an dràsta. Tha iad an dòchas gum bi Okinawa a' faighinn saorsa. Is aon de na sgìrean Iapanach a tha ann an Okinawa a-nis ach tha cànan eile agus dualchas eile aig muinntir an àite agus 's e rìoghachd eile a bha ann an Okinawa gu 1609. Tha mòran dhiubh ag iarridh saorsa bho Iapan an diugh ged a tha an t-saorsa a' coimhead doirb. Tha mòran campaichean Ameireacanach armailteach air Okinawa agus tha mòran trioblaidean air a bhith a' sìor thachairt. Agus tha muinntir an àite a' smaoinntinn gu bheil an riaghaltas Iapannach a' toirt cudthroim mì-reusanta do Okinawa.

Thuirt Masaki Tomochi, àrd-ollamh de Oilthigh Eadar-nàiseanta Okinawa agus ceannard na gluasachd-saorsa, "Tha còirean aig Alba gus saorsa fhaighinn. Tha còirean aig muinntir an àite gus cur dhaibh an teachdail acasan. Tha a h-uile duine ga iarraidh san t-saoghal. Tha agus ann an Okinawa."

Tha e ag ràdh gu bheil ùidh aige dè an t-ath-bhualadh an saoghal agus na roinnean eile san RA a' nochdadh.

Guardian: http://www.theguardian.com/world/2014/sep/15/okinawa-independence-scotland-japan-us-military-base
xinhua.jp: http://www.xinhua.jp/socioeconomy/photonews/395417/

No comments:

Post a Comment